Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Timòteus 1:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Tha taingealachd agam dhàsan a neartaich mi, Crìosd Ìosa ar Tighearna, air sgàth gun do mheas e mi dìleas, gam chur na sheirbheis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Tha mi toirt taing dha-san a neartaich mi, seadh do Iosa Criosta ar Tighearna, a chionn gun do mheas e mi dileas le mo chur san fhrithealadh so:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Timòteus 1:12
26 Iomraidhean Croise  

Agus riuthasan thuirt e, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios agus ge b' e a bhios ceart bheir mi dhuibh e.’


airson 's gun toireadh na h‑uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a' toirt urraim dhan Athair a chuir a‑mach e.


Agus às dèidh dhi a bhith air a baisteadh, agus a teaghlach cuideachd, chuir i ìmpidh oirnn, ag ràdh, “Ma tha sibh air mo mheas dìleas dhan Tighearna, thigibh a‑steach dham thaigh is fuirichibh.” Agus thug i oirnn.


Ach thuirt an Tighearna ris, “Thalla, oir is e soitheach taghte dhòmhsa a th' anns an duine seo airson m' ainm a ghiùlain mu choinneamh nan Cinneach is rìghrean is chloinn Israeil.


Ach dh'fhàs Saul na bu mhotha ann an neart, agus chuir e troimh‑a‑chèile na h‑Iùdhaich a bha a' fuireach ann an Damascas le bhith a' dearbhadh gum b' e Ìosa an Crìosd.


Ach tro ghràs Dhè is mi an nì a th' annam, agus cha robh a ghràs dham thaobh‑sa gun buaidh; ach shaothraich mi barrachd na iad uile, a dh'aindeoin sin cha bu mhise, ach gràs Dhè a tha còmhla rium.


Dè mar sin a th' ann an Apollos? Dè a th' ann am Pòl? Seirbheisich tron do chreid sibh – mar a thug an Tighearna do gach aon.


A‑nis a thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna, ach tha mi a' toirt mo bheachd, mar aon a tha, tro thròcair an Tighearna, airidh air earbsa.


Mar sin, bhon a tha a' mhinistrealachd seo againn tro thròcair Dhè, chan eil sinn a' call misneachd.


Oir tha sibh uile nur mic do Dhia tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil daor no saor, chan eil fireann no boireann ann; oir tha sibh uile nur n‑aon ann an Crìosd Ìosa.


agus gun aidicheadh gach teanga gur e Ìosa Crìosd an Tighearna, gu glòir Dhè an t‑Athair.


Is urrainn dhomh a h‑uile sìon a dhèanamh troimheasan a tha gam neartachadh.


dhen deach mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir na stiùbhardachd o Dhia a chaidh a bhuileachadh air ur son‑se, airson 's gun dèanainn facal Dhè làn‑aithnichte,


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa, a rèir òrdugh Dhè ar Slànaigheir agus Crìosd Ìosa ar dòchas,


a rèir soisgeul glòire an Dè bheannaichte, a chaidh earbsadh riumsa.


Gu Timòteus, fìor leanabh tro chreideamh: Gràs, tròcair is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Tighearna.


Tha mi a' cur ìmpidh ort mu choinneamh Dhè, a tha a' toirt beatha dha na h‑uile, agus Crìosd Ìosa a thug fianais mu choinneamh Phontius Pìlat an deagh aideachadh,


Agus na chuala tu uamsa tro mhòran fhianaisean, earb na rudan sin ri daoine dìleas, a bhios comasach air daoine eile a theagasg cuideachd.


Ach sheas an Tighearna còmhla rium agus neartaich e mi, airson 's, tromhamsa, gum biodh an teachdaireachd air a cur an cèill gu h‑iomlan, is gus an cluinneadh na Cinnich gu lèir i, 's bha mi air mo shaoradh à beul an leòmhainn.


Gu Tìtus, m' fhìor mhac a rèir creideimh coitchinn: Gràs is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Slànaighear.


b' fheàrr leam guidhe ort as leth a' ghràidh, on is mise Pòl a tha nam sheann duine, agus a tha a‑nis cuideachd nam phrìosanach de Chrìosd Ìosa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan