Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Peadar 1:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 troimhesan – a thog e o na mairbh agus a ghlòraich e – tha sibhse a' creidsinn ann an Dia, airson 's gum bi ur creideamh agus ur dòchas ann an Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 A tha troimh-san a creidsinn ann an Dia, a thog e bho na mairbh, ʼsa thug gloir dha, gus ur creideamh agus ur dochas a bhith ann an Dia:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Peadar 1:21
34 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Ìosa is thuirt e riutha, “Chaidh a h‑uile h‑ùghdarras ann an nèamh agus air talamh a thoirt dhòmhsa.


Agus dh'èigh Ìosa, “An neach a chreideas annamsa, chan ann annamsa a tha e a' creidsinn, ach anns an aon a chuir a‑mach mi.


“Na biodh ur cridhe fo thrioblaid. Creidibh ann an Dia; creidibh annamsa cuideachd.


Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.


Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa.


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise cuide riut fhèin leis a' ghlòir a bha agam còmhla riut mun robh an saoghal ann.”


Oir tha esan a chuir Dia a‑mach ag ràdh faclan Dhè, oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a' toirt an Spioraid.


Ach thog Dia suas e, ga shaoradh o phiantan a' bhàis, a chionn 's nach robh e an comas dha a bhith air a chumail leis a' bhàs.


Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil.


agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.


biodh e aithnichte dhuibhse uile is do shluagh Israeil gu lèir gur ann le ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh – le ainm‑san tha an duine seo na sheasamh slàn an seo nur làthair‑se.


Oir, ma dh'aidicheas tu led bheul gur e Ìosa Crìosd an Tighearna agus ma chreideas tu nad chridhe gun do thog Dia on na mairbh e, bidh thu air do shàbhaladh.


ach air ar son‑ne cuideachd. Bidh e air a chunntadh dhuinne cuideachd – a tha a' creidsinn annsan a thog Ìosa ar Tighearna suas o na mairbh,


Dè an còrdadh a th' aig Crìosd ri Belial? No dè an co‑roinn a th' aig creidmheach le eas‑creidmheach?


Air an adhbhar seo, a chionn 's gu bheil mi air cluinntinn mur creideamh san Tighearna Ìosa agus ur gràdh dha na naoimh gu lèir,


dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa, a rèir òrdugh Dhè ar Slànaigheir agus Crìosd Ìosa ar dòchas,


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


Ach chì sinn Ìosa, a chaidh a dhèanamh airson greiseig na b' ìsle na na h‑ainglean, air a chrùnadh le glòir 's le onair tro fhulangas a' bhàis airson 's gum blaiseadh e am bàs airson a h‑uile duine tro ghràs Dhè.


Air an adhbhar sin, fàgamaid air chùl teagasg bunasach Chrìosd, gus a dhol air adhart gu inbheachd, gun bhunait a stèidheachadh a‑rithist airson aithreachais o obraichean mharbha agus creideimh ann an Dia,


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


A' sireadh gu dè an neach no dè an t‑àm a bha Spiorad Chrìosd a bh' annta a' foillseachadh dhaibh, a' dèanamh fàisneachd air fulangasan Chrìosd agus na glòirean a leanadh.


Beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, neach, a rèir a mhòr thròcaire, a th' air ar n‑ath‑ghin gu dòchas beò tro aiseirigh Ìosa Crìosd o na mairbh,


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan