Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Peadar 1:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 is fios agaibh air a seo, nach deach ur n‑ath‑cheannach le rudan a chrìonas às, mar airgead no òr, o ur dòigh‑beatha dhìomhain a thàinig thugaibh o ur n‑athraichean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh‐beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 A tuigsinn nach deach ur saoradh le nichean truaillidh, mar tha òr no airgiod, bho chaithe-beatha faoin beul-aithris ur n-aithrichean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Peadar 1:18
28 Iomraidhean Croise  

Oir dè as urrainn do dhuine a thoirt seachad an àite a bheatha?


Oir ged a b' aithne dhaibh Dia, cha tug iad urram dha mar Dhia, cha mhotha a thug iad taing dha, ach dh'fhàs iad dìomhain nan smaoineachadh, agus bha an cridheachan gòrach air an dorchnachadh.


agus a‑rithist, “Is aithne dhan Tighearna smuaintean nan daoine glice, gu bheil iad dìomhain.”


Oir chaidh ur ceannach le prìs. Mar sin glòirichibh Dia le ur cuirp.


Chaidh ur ceannach air prìs; na tionndaidhibh nur tràillean do dhaoine.


a thug e fhèin seachad airson ar peacaidhean airson 's gun saoradh e sinn on linn olc a tha an làthair, a rèir toil ar Dè agus ar n‑Athar,


Mar sin, tha mi ag ràdh seo, agus a' toirt fianais san Tighearna, nach coisich sibh tuilleadh dìreach mar a tha na Cinnich cuideachd a' coiseachd, ann an dìomhanas an inntinnean,


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


Chan ann tro fhuil ghobhar 's laogh, ach tro fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair 's gu bràth dhan Àite Naomh, 's e air sàbhaladh sìorraidh fhaighinn.


airson 's gun tèid deuchainn ur creideimh – a tha tòrr mòr nas prìseile na òr a rachas a dhìth – a dhearbhadh fìor tro theine, 's air fhaighinn gu moladh is glòir is onair, aig foillseachadh Ìosa Crìosd.


Oir bha an ùine a chaidh seachad ro‑phailt ann a bhith a' dèanamh toil nan Cinneach, a' dol air adhart ann am feòlmhorachd, ana‑miannan, drungaireachd, ruidhtearachd, cuirmean misgeil, agus iodhal‑adhradh truaillte.


Ach tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh. Agus chan eil peacadh sam bith annsan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan