Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.
Tha iad a' tagradh gun aithne dhaibh Dia, ach nan gnìomhan tha iad ga àicheadh, oir tha iad gràineil agus eas‑umhail agus gun fheum airson a h‑uile deagh obrach.
Ma chanas sinn gu bheil co‑chomann againne ris‑san agus gu bheil sinn a' coiseachd ann an dorchadas, tha sinn breugach agus chan eil sinn a' cur na fìrinne an gnìomh.
Ma chanas neach sam bith, “Tha gràdh agamsa air Dia,” ach gu bheil fuath aige dha bhràthair, 's e breugaire a th' ann. Oir chan urrainn dhàsan aig nach eil gràdh air a bhràthair, a tha e air fhaicinn, gràdh a bhith aige air Dia, nach eil e air fhaicinn.
A mhuinntir ghràdhaichte, biodh gràdh againn air càch‑a‑chèile on a tha gràdh o Dhia. Agus rugadh gach neach aig a bheil gràdh, o Dhia agus tha eòlas aige air Dia.