Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Corintianach 7:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Bu chòir dhan duine a dhleastanas a choileanadh dha bhean, agus san aon dòigh a' bhean dhan fhear‑pòsta aice.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Thugadh am fear an deagh-ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Thugadh am fear an deagh‐ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Thugadh am fear dha mhnaoi a dlighe; ʼs mar an ciadna a bhean dha fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Corintianach 7:3
4 Iomraidhean Croise  

Ach air sgàth cùisean feise mì‑mhoralta, bu chòir do gach duine a bhean fhèin a bhith aige agus gach boireannach a fear fhèin a bhith aicese.


Oir chan eil ùghdarras aig a' bhean thairis air a corp fhèin, ach aig an fhear‑pòsta. Mar sin cuideachd chan eil ùghdarras aig an fhear‑pòsta thairis air a chorp fhèin, ach aig a' bhean‑phòsta.


San aon dòigh, fheara‑pòsta, bithibh beò còmhla ri ur mnathan‑phòsta le tuigse, a' toirt urraim dhaibh, mar le soitheach a tha nas laige, mar cho‑oighreachan air gràs na beatha, gus nach bi ur n‑ùrnaighean air am bacadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan