Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Corintianach 16:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 Tha eaglaisean na h‑Àisia a' cur fàilte oirbh. Tha Acuila is Prisca, cuide ris an eaglais a tha nan taigh, a' cur fàilte chridheil oirbh san Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr-fhàilte oirbh anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr‐fhàilte oirbh anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 Tha eaglaisean Asia a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh. Tha Acuila us Priscilla a cur moran bheannachdan, anns an Tighearna, gu ʼr n-ionnsuidh maille ris an eaglais a tha ʼnan tigh, ʼs gur ann aca a tha mi fhein air aoidheachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Corintianach 16:19
13 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad tro cheàrnaidh Phrigia is Ghalàtia, às dèidh dhaibh a bhith air am bacadh leis an Spiorad Naomh on fhacal a bhruidhinn ann an Àisia.


A‑nis dh'fhan Pòl tòrr làithean na b' fhaide, agus an uair sin dh'fhàg e soraidh le na bràithrean is chuir e a‑mach gu muir gu Siria, agus còmhla ris Priscila is Acuila: às dèidh fhalt fhaighinn air a ghearradh ann an Cenchrèa, oir bha e fo bhòid.


Agus fhuair e Iùdhach dham b' ainm Acuila, a bhuineadh do Phontus, air ùr‑thighinn às an Eadailt còmhla ri a bhean Priscila, a chionn 's gun robh Claudius air àithne a thoirt dha na h‑Iùdhaich gu lèir an Ròimh fhàgail. Agus chaidh e thuca,


Thòisich e air bruidhinn gu dàn san t‑sionagog. Ach nuair a chuala Priscila is Acuila e, thug iad gu aon taobh e agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu mhionaidiche.


Lean seo airson dà bhliadhna, air chor is gun cuala luchd‑còmhnaidh na h‑Àisia gu lèir facal an Tighearna, an dà chuid Iùdhaich agus Greugaich.


Partaich is Medich is Elamaich is luchd‑còmhnaidh Mhesopotamia, Iudèa is Chapadòcia, Phontuis is Àisia,


Cuiribh fàilte air Philologus, Iulia, Nereus agus a phiuthar, is Olimpas, agus còmhla riuthasan na naoimh gu lèir.


Cuiribh fàilte air na bràithrean a th' ann an Laodicèa, agus air Nimpha agus an eaglais a tha na taigh.


Cuir fàilte air Prisca, air Acuila 's air taigh Onesiphoruis.


gu Apphia ghràdhach, agus gu Archippus ar co‑shaighdear, agus chun na h‑eaglaise a tha nad thaigh.


Peadar, abstol Ìosa Crìosd, Gu na fògarraich a th' air an sgapadh air feadh Phontus, Ghalàtia, Chappadòcia, Àisia 's Bhitinia, taghta


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan