Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Corintianach 1:29 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

29 airson 's nach bòstadh neach sam bith ann am fianais Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

29 Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

29 Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

29 Gus nach gabh feoil air bith uaill ʼna lathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Corintianach 1:29
11 Iomraidhean Croise  

Mar sin, tha bòst agam ann an Crìosd Ìosa mu ghnothaichean Dhè.


A‑nis tha fios againn gu bheil ge b' e dè a tha an lagh ag ràdh, gu bheil e ga ràdh riuthasan a tha fon lagh, airson 's gum bi a h‑uile beul air a dhèanamh sàmhach, agus gum bi an saoghal gu lèir cunntachail do Dhia.


Càite mar sin a bheil bòstadh? Tha e air a dhùnadh a‑mach. Le dè an seòrsa lagha? Le lagh obraichean? Chan ann, ach le lagh a' chreideimh.


Oir nam b' ann le obraichean a bha Abrahàm air fhìreanachadh, bhiodh bòst aige, ach chan ann a thaobh Dhè.


Mar sin, mar a tha e sgrìobhte: “Am fear a tha a' bòstadh, bòstadh e san Tighearna.”


Oir cò a chì rud sam bith diofraichte annadsa? Dè a th' agad nach d' fhuair thu? Ma fhuair thu e, mar sin, carson a tha thu a' bòstadh mar nach d' fhuair thu e?


Chan eil ur bòstadh math. Nach aithne dhuibh gun goirtich beagan de thaois ghoirt an cnap gu lèir?


– chan ann o obraichean airson 's nach dèanadh neach sam bith bòstadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan