1 Corintianach 1:27 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201727 Ach thagh Dia na tha amaideach san t‑saoghal airson an fheadhainn ghlice a nàrachadh; thagh Dia na tha lag san t‑saoghal airson an fheadhainn làidir a nàrachadh; Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199227 Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach; Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199227 Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach; Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187527 Oir nichean gorach an t-saoghail so thagh Dia, gus na daoine glice a chur gu nàire; us nichean laga an t-saoghail thagh Dia, gus na nichean laidir a chur gu nàire; Faic an caibideil |
Rinn cuid dhe na feallsanaich Epicurach agus Stòiceach cuideachd còmhradh ris. Bha cuid ag ràdh, “Dè a tha an cabadair seo ag iarraidh a chantainn?” Bha cuid eile ag ràdh, “Is coltach gur e searmonaiche dhiathan coimheach a th' ann” – a chionn 's gun robh e a' searmonachadh Ìosa agus na h‑aiseirigh.