1 Corintianach 1:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201721 Oir a chionn 's ann an gliocas Dhè nach b' aithne dhan t‑saoghal Dia tro ghliocas, thoilich e Dia, tro amaideas na tha sinn a' searmonachadh, iadsan a chreideas a shàbhaladh. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199221 Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199221 Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187521 Oir a chionn, ann an gliocas De, nach bʼ aithne do ʼn t-saoghal Dia tromh ghliocas, dheonaich Dia le aimideachd an teagaisg na creidich a shabhaladh. Faic an caibideil |
Aig an àm sin fhèin rinn Ìosa gàirdeachas anns an Spiorad Naomh, agus thuirt e, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan sin o dhaoine glic is tuigseach, agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan. Seadh, Athair, oir b' e a leithid sin do rùn gràsmhor‑sa.