Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 7:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 de threubh Shimeoin dusan mìle, de threubh Lèbhi dusan mìle, de threubh Isachair dusan mìle,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 De threibh Shimeoin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Lebhi chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Issachair chomharraicheadh dà mhile dhiag:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 7:7
14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis anns an uair seo, dlùth‐leanaidh m’fhear rium, do bhrìgh gun do rug mi dha triùir mhac: uime sin thug i Lèbhi mar ainm air.


Agus thubhairt Lèah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gun tug mì mo bhanoglach dom fhear; agus thug i Isachar mar ainm air.


Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;


A’ ceangal a shearraich ris an fhìonain, agus loth a asail ris an fhìonain thaghte; nigh e a aodach ann am fìon, agus a thrusgan ann am fuil nam fìondhearc:


Is bràithrean Simeon agus Lèbhi: tha innealan aingidheachd nan àitean‐còmhnaidh.


Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead.


De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;


A‑nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ bhan‐Mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh thaighe am measg nan Simeonach.


Is iad sin teaghlaichean nan Simeonach, fichead agus dà mhìle agus dà cheud.


Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd‐san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.


Thàinig an ceathramh crannchur a‑mach do Isachar, airson chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean.


De threubh Aseir sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Nephtalim sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Mhanaseis sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.


De threubh Shabuloin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Iòseiph sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Bheniàmin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.


Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur‐sa. Agus chaidh Simeon maille ris.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan