Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad‐ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

5 'S tu 'n ciad neach, 's an neach deireannach, 's leat bith gun tùs gun chrìoch; Maith, glic, is uile‑chumhachdach, bha tha thu, 's bithidh chaoidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus bho Iosa Criosta, an fhianuis dhileas, ciadghin nam marbh, agus prionns righrean an talmhuinn, a thug gaol duinn, ʼsa ghlan sinn bho ʼr peacannan ʼna fhuil fhein,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:5
53 Iomraidhean Croise  

Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd, agus glan mi om pheacadh,


Agus sleuchdaidh na h‑uile rìghrean sìos dha; nì na cinnich uile seirbhis dha.


Mar an ceudna nì mi mo chiad‐ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn.


Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.


Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann‐iùil agus na uachdaran do na slòigh.


An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd‐fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh.


Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.


Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan.


Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.


Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.


Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.


A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.


Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.


Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse: fanaibh ann am ghràdh‐sa.


Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth‐sa.


Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut gu bheil sinne a’ labhairt an nì as fios dhuinn, agus a’ toirt fianais air an nì sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianais.


Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon‐ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.


Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais.


Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd‐coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.


Gu robh Crìosd gu fulang, agus gu robh e gu èirigh, an ciad neach o na mairbh, agus gum foillsicheadh e solas don phoball, agus do na Cinnich.


Neach a shònraich Dia na ìobairt‐rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad‐fhulangas Dhè;


Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.


Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.


Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.


Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr‐ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn,


Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh‐fhàile do Dhia.


Uime sin cha bhi oighreachd sam bith aca am measg am bràithrean: is e an Tighearna fhèin an oighreachd, mar a thubhairt e riu.


Gidheadh, chan èisdeadh an Tighearna do Dhia ri Balàam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhut am mallachadh gu beannachadh, a chionn gum bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu.


Ach a chionn gun do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a‑chum gun gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e dur n‑athraichean, thug an Tighearna a‑mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu à taigh nan tràillean, à làimh Phàraoh righ na h‑Eiphit.


Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad‐ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd‐cheannas anns na h‑uile.


Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait,


Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;


Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?


Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais‐se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?


Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:


Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.


Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt‐rèitich airson ar peacaidhean.


Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd‐san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.


Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là, èidichte ann an sac‐aodach.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.


Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.


Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.


Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme‐sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:


Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan