Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 ʼS tha mi beo, agus bha mi marbh, us faic is beo mi a chaoidh nan caoidhean, agus tha iuchraichean a bhàis agus iutharna agam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:18
32 Iomraidhean Croise  

Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear‐saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:


An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?


Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig‐sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!


Is e ar Dia‑ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.


Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn; agus fosglaidh e, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach.


Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.


Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.


Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?


Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:


Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.


Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a’ bhàs nas mò air.


Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh‐se.


Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.


Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.


Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire‐san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas‐làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:


Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear‐crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann‐ceusaidh, a’ cur na nàire an neo‐shuim, agus a shuidh air deis rìgh‐chathair Dhè.


A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.


Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar‐ghuidhe a dhèanamh air an son.


Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:


Agus thug aon de na ceithir beò‐chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;


Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.


Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:


Agus nuair a thug na beò‐chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,


Agus thubhairt na ceithir beò‐chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh‐san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh‐bheathaichean na talmhainn.


Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh‐aigein.


Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan