Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus na làimh dheis bha seachd rionnagan aige agus às a bheul thàinig claidheamh dà‑fhaobhair, geur, agus bha aodann mar a' ghrian a' deàlradh na cumhachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus bha aige ʼna laimh dheis seachd reultan; agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach; agus bha aodann mar a ghrian a dearrsadh ʼna neart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:16
26 Iomraidhean Croise  

Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas?


Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.


Cò ise a chìthear mar a’ mhadainn, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh lem brataichean?


Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.


An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.


Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach.


Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal.


Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra.


Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme‐sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.


Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas.


Mu mheadhon‐là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.


Agus glacaibh clogad na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì as e facal Dhè:


Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar‐sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.


Rùn‐diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.


Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha‑frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.


Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà‐reul‐dheug.


Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon‐amair fraoch‐feirge an Dè uile‐chumhachdaich.


Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.


A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann am Pergamos, sgrìobh: Na nithean seo tha Esan, aig a bheil an claidheamh geur dà fhaobhair, ag ràdh:


Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.


Ach rinn Ehud dha fhèin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh‐choille air fad; agus cheangail e e fo a aodach, air a shliasaid dheis.


Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan