Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Rut 4:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Rut 4:9
6 Iomraidhean Croise  

Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.


Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.


Agus mar an ceudna Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean Mhahloin, cheannaich mi dhomh fhèin gu bhith na mnaoi agam, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd, a‑chum nach gearrar as ainm a’ mhairbh à meadhon a bhràithrean, agus o gheata a àite fhèin: is fianaisean sibhse an‑diugh.


Uime sin thubhairt am fear‐dàimh ri Bòas, Ceannaich air do shon fhèin e: agus chuir e dheth a bhròg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan