Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Rut 4:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Uime sin thubhairt am fear‐dàimh ri Bòas, Ceannaich air do shon fhèin e: agus chuir e dheth a bhròg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Uime sin thubhairt am fear-dàimh ri Bòas, Ceannaich air do shon fhèin e: agus chuir e dheth a bhròg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Rut 4:8
3 Iomraidhean Croise  

An sin thig bean a bhràthar da ionnsaigh an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid na aodann, agus freagraidh agus their i, Mar seo nìthear ris an duine nach tog suas taigh a bhràthar.


A‑nis b’e seo o shean an gnàth ann an Israel a‑thaobh fuasglaidh, agus a‑thaobh iomlaid, a dhaingneachadh gach nì: chuireadh duine dheth a bhròg, agus bheireadh e da choimhearsnach i: agus bha seo mar fhianais ann an Israel.


Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan