Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Rut 4:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 An sin thubhairt Bòas, Anns an là anns an ceannaich thu an t‑achadh o làimh Naòmi, feumaidh tu cuideachd a cheannach o Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd‐san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 An sin thubhairt Bòas, Anns an là anns an ceannaich thu an t‑achadh o làimh Naòmi, feumaidh tu cuideachd a cheannach o Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Rut 4:5
6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iùdah ri Onan, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh bean do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd dod bhràthair.


Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean‐san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair.


Ag ràdh, A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinn, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus bean‐phòsda aige, agus gum faigheadh e bàs gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean, agus gun togadh e suas sliochd da bhràthair.


Agus mura toigh leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a bhràthar suas don gheata a‑chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair‐cèile a’ diùltadh ainm a thogail suas da bhràthair ann an Israel, chan àill leis dlighe bràthar‐chèile a dhèanamh rium.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan