Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Rut 4:11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Rut 4:11
24 Iomraidhean Croise  

Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san, ag ràdh,


Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.


Agus bha aig Làban dithis nighean; b’e ainm na tè a bu shine Lèah, agus ainm na tè a b’òige Rachel.


Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi?


Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.


Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;


Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin;


Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.


Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhet‐gadeir.


Feuch, chuala sinn uime aig Ephratah; fhuair sinn e ann am machraichean na coille.


Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.


Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre.


Agus chuir mi mo làmh ris an sgrìobhadh, agus sheulaich mi e, agus ghabh mi fianaisean, agus thomhais mi an t‑airgead air a’ mheidh.


Agus thusa, a Bhetlehem‐Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh‐sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.


Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.


Agus mura toigh leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a bhràthar suas don gheata a‑chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair‐cèile a’ diùltadh ainm a thogail suas da bhràthair ann an Israel, chan àill leis dlighe bràthar‐chèile a dhèanamh rium.


An sin thig bean a bhràthar da ionnsaigh an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid na aodann, agus freagraidh agus their i, Mar seo nìthear ris an duine nach tog suas taigh a bhràthar.


Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan