Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Rut 1:6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus dh’èirich i suas maille ra ban‐chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Rut 1:6
27 Iomraidhean Croise  

Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e.


Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;


Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,


Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan‐sa suas as a seo.


Oir tha do sheirbhisich a’ gabhail tlachd na clachan, agus tha deagh rùn aca da luaithre.


Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal.


Beannaichidh mi gu mòr a lòn; sàsaichidh mi a bochdan le aran.


Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos.


A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil.


Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd.


Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Èiphit:


Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.


Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.


Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;


Oir mar seo deir an Tighearna, Nuair a choileanar ann am Bàbilon deich agus trì‐fichead bliadhna, thig mise gur n‑amharc, agus coileanaidh mi dhuibh m’fhacal math, a‑chum ur toirt air ur n‑ais don àite seo.


Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach.


Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.


Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.


Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,


Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.


Uime sin air dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bitheamaid toilichte leo sin.


Air dhuibh deagh chaitheamh‐beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.


Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir.


Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan‐chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah.


Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan