Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Mar sin, ged a dh'fhaodainn a bhith dàn ann an Crìosd 's àithne dhut an rud a tha iomchaidh a dhèanamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Mar sin, dh'fhaodainn, nan tograinn, mar do bhràthair ann an Crìosd, a bhith cho dàna 's gun toirinn òrdugh dhut a thaobh dè as còir dhut a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 As leth sin ʼs mi am mor earbsa, ann an Iosa Criosta, an ni a tha iomchuidh àithneadh ort:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:8
7 Iomraidhean Croise  

Oir ged dhèanainn càil‐eigin nas mò de uaill as ar cumhachd‐ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail‐se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:


Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas‐urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.


Uime sin do bhrìgh gu bheil againn a shamhail seo de dhòchas, tha sinn a’ cleachdadh mòr‐dhànachd cainnte:


No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth‐shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith‐buidheachais.


Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr‐ghleac.


Cha mhò a dh’iarr sinn urram o dhaoine, no uaibhse, no o dhaoine eile, ged dh’fhaodamaid ar trom a leagail oirbh, mar abstoil Chrìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan