Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 airson 's gum bi co‑chomann do chreideimh èifeachdach ann a bhith ag aideachadh a h‑uile rud math a th' againn ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Tha mi ag iarraidh gum bi an dàimh a tha eadarainn air sgàth do chreidimh a' toirt fìor eòlas dhuinn air gach nì math as urrainn dhuinn a dhèanamh airson Chrìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Gu comh-phairteachadh do chreidimh a dhianamh soilleir le aideachadh gach deagh ghniomh, a thʼ unnaibh ann an Iosa Criosta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:6
18 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.


Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.


Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse.


Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann.


Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion‐ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh‐bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.


Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;


Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath‐nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:


Agus fòghlamadh ar muinntir‐ne mar an ceudna deagh obraichean a dhèanamh gu dùrachdach fa chomhair ghnàthachadh feumail, a‑chum nach bi iad neo‐thairbheach.


Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme‐san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.


Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh?


Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin.


Air dhuibh deagh chaitheamh‐beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.


Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas‐umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh‐beatha nam ban;


Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh‐beatha ann an Crìosd.


Oir ma bhios na nithean seo annaibh, agus pailt, bheir iad oirbh gun a bhith leisg, no mì‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna, Iosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan