Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Chan ann à seo suas mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Chan ann à seo suas mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Chan eil e tuilleadh na sheirbheiseach, ach nas fheàrr na seirbheiseach, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach ann nas motha na sin dhutsa an dà chuid san fheòil agus san Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Chan e dìreach seirbhiseach a th'ann tuilleadh, ach mòran a bharrachd; 's e th'ann ach bràthair gràdhach anns a' chreideamh. Air cho measail 's gu bheil e agamsa, bidh e nas measaile buileach agadsa an dà chuid mar dhuine agus mar chreidmheach anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Cha n-ann a nis mar sheirbhiseach, ach, an aite seirbhisich, ʼna bhrathair ro ghradhach, gu h-àraid leamsa: ach nach mor nas mua na sin leatsa, araon anns an fheoil agus anns an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:16
10 Iomraidhean Croise  

Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd‐mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.


Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.


Oir an tì a ghairmeadh anns an Tighearna na sheirbhiseach, is duine saor an Tighearna e: mar an ceudna an tì a ghairmeadh agus e saor, is e seirbhiseach Chrìosd e.


A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis‐sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:


Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd‐compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earalaich.


Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd‐compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd‐shagart ar n‑aidmheil;


Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan