Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh‐sa ris mar rim innidh fhèin;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Tha mi ga chur air ais thugad, agus gabh ris mar rim chridhe fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 Ged a tha gràdh mo chridhe agam air, tha mi ga chur air ais thugad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:12
10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air.


Nach e Ephraim mo mhac caomh? Nach leanabh ro‑thaitneach e? Oir on uair anns an do labhair mi na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ga chuimhneachadh fhathast: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: nì mi gu deimhinn tròcair air, deir an Tighearna.


Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.


Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e.


Agus bithibh coibhneil teò‐chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.


Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean‐phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;


Neach a bha uaireigin neo‐thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:


Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite‐sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan