Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion‐bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 Chaidh sèinichean 's geimhlean a chur air iomadh uair, ach bhrist e na sèinichean 's chuir e na geimhlean nam bloighdean, 's cha robh neach sam bith cho làidir 's gun cuireadh e casg air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:4
5 Iomraidhean Croise  

Le geimhlean dhochainn iad a chasan; chuireadh ann an iarann e gu teann,


Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean‐adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:


Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan‐adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.


(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan