Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Tharraing Ìosa air ais chun na mara còmhla ri a dheisciobail, agus lean sluagh mòr e o Ghalile agus o Iudèa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Dh'fhalbh Iosa 's a dheisciobail leo fhèin gu taobh an loch, 's thàinig sluagh mòr a mhuinntir Ghalile às an dèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:7
20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a nì iad geur‐leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.


Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.


Agus thug e sparradh dhaibh a‑chum nach dèanadh iad aithnichte e:


Agus lean cuideachd mhòr e o Ghalile, agus o Dhecapolis, agus o Ierusalem, agus o Iudèa, agus o na crìochan a tha an taobh thall de Iòrdan.


Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.


Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.


Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.


Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.


Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.


Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.


Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr‐shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;


Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd?


Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh.


Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.


An sin air ball chuir na bràithrean uapa Pòl, a‑chum gun rachadh e mar gum b’ann a‑chum na mara: ach dh’fhan Silas agus Timòteus an sin fhathast.


Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat‐arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.


Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot‐dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan