Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Fìor thràth sa mhadainn air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha a' ghrian air èirigh, chaidh iad chun an tuaim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Glè thràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, nuair a dh'èirich a' ghrian, chaidh iad chun na h‑uaighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:2
6 Iomraidhean Croise  

An sin dh’èirich an rìgh gu ro‑mhoch anns a’ mhadainn, agus chaidh e gu luath gu garaidh nan leòmhann.


An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.


Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.


Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe?


A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain, gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu.


Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan