Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 A‑nis bha fear dham b' ainm Barabas sa phrìosan còmhla ri na reubaltaich a bh' air murt a dhèanamh san ar‑a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Bha fear ris an canadh iad Barabas air a churnail fo ghlais còmhla ris na reubaltaich eile a rinn mort ann an ar‑a‑mach an aghaidh an riaghaltais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus bha fear ann, dha ʼm bʼainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:7
5 Iomraidhean Croise  

Agus bha aca, anns an àm sin, prìosanach ro‑chomharraichte, dom b’ainm Barabas.


A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.


Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.


Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan