Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Ach cha do fhreagair Ìosa sìon tuilleadh, air chor is gun robh Pìlat fo iongnadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Ach cha tuirt Iosa an còrr, 's chuir seo ioghnadh air Pìlat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Ach cha do fhreagair Iosa idir tuilleadh, air sheol ʼs gun do ghabh Pilat iongantas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:5
10 Iomraidhean Croise  

Mar adhbhar iongantais tha mi aig mòran, ach is tusa mo thèarmann làidir.


Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.


Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.


Eisd a‑nis, O Iosuah, àrd‐shagairt, thu fhèin agus do chompanaich a tha nan suidhe ad làthair: oir is daoine a tha nan samhladh iad: oir feuch, bheir mise a‑mach m’òglach, am Meangan.


Agus nuair a chuir na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.


Agus cha tug e freagradh dha air aon fhacal; ionnas gun do ghabh an t‑uachdaran iongantas ro‑mhòr.


Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.


An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.


Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.


Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball‐amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan