Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus chuir na h‑àrd‐shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus chuir na h‑àrd-shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus chuir na h‑àrd‑shagartan mòran chasaidean air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Bha na h‑àrd-shagairt a' cur mòran rudan ás a leth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus bha na h-ard-shagairt a cur ioma cuis as a leth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:3
11 Iomraidhean Croise  

Tha mi eadhon mar fhear nach cluinn, agus aig nach eil achmhasain na bheul.


Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.


Agus nuair a chuir na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.


Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.


Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.


Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.


Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan