Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus thug na saighdearan air falbh e a‑steach dhan lùchairt (is e sin am Praetorium), agus ghairm iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Dh'fhalbh na saighdearan leis a‑steach dhan lùchairt ris an canadh iad am Praetorium, agus ghairm iad còmhla an còrr dhen àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cùirt an uachdrain, us ghairm iad am buidheann uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:16
8 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.


An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.


An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd‐shagairt, den goirear Caiaphas,


Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard‐ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,


An sin chaidh Pilat a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus ghairm e Iosa, agus thubhairt e ris, An tusa Rìgh nan Iùdhach?


Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.


Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan