Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd‐shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Aʼ cheud char sa mhadainn, thàinig na h‑àrd-shagairt, na h‑athraichean 's na sgrìobhaichean an ceann a chèile; bha an àrd-chomhairle gu lèir cruinn. Cheangail iad Iosa, 's shlaod iad leo e, ga thoirt thairis do Phìlat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus gu luath sa mhaduinn chuir na h-ard-shagairt, ʼs na seannairean ʼs na Sgriobhaich, ʼsa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:1
12 Iomraidhean Croise  

Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte‐san, ag ràdh,


Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.


Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.


Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan