Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:41 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus thàinig e an treas turas agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois? Tha sin gu leòr; thàinig an uair. Seall, tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Thàinig e an treas uair, 's thuirt e riu, “An e gu bheil sibh fhathast nur cadal 's a' gabhail fois? Fòghnaidh sin! Tha 'n uair air tighinn! Seallaibh! Tha Mac an Duine ga thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus thainig e an treas uair, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: tha ʼn uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:41
23 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha e mu mheadhon‐là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd‐smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh.


Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.


Agus thubhairt Elisa ri rìgh Israeil, Ciod e mo ghnothach‐sa riutsa? Imich a dh’ionnsaigh fàidhean d’athar, agus a dh’ionnsaigh fàidhean do mhàthar. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Chan eadh; oir ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib.


Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.


Air ur son‐se, O thaigh Israeil, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Imichibh, dèanaibh seirbhis, gach aon duine da iodhalan a‑nis na dhèidh seo, mura èisd sibh riumsa; ach na truaillibh m’ainm naomh‐sa nas mò le ur tabhartasan agus le ur n‑iodhalan.


Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.


Agus dh’imich Iùdas Iscariot, aon den dà‑fhear‐dheug, a‑chum nan àrd‐shagart, gu esan a bhrath dhaibh.


Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.


Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.


Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.


Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.


Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.


Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.


Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.


A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.


Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna:


An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.


Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh‐coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd.


Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‐leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd‐brathaidh, agus nur mortairean:


Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan