Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Chaidh na deisciobail a‑mach agus thàinig iad dhan bhaile, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha, is dh'ullaich iad a' Chàisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Dh'fhalbh na deisciobail a‑steach dhan bhaile. Thachair gach nì dìreach mar a thuirt e riu, 's dheasaich iad biadh na Càisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Us dhʼfhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad doʼn bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riu, agus dheasaich iad a chàisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:16
6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn mi ceart mar a dh’àithneadh dhomh: thug mi a‑mach m’àirneis anns an là, mar àirneis airson braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi tron bhalla lem làimh; thug mi a‑mach i anns an dubh‐anmoch, agus ghiùlain mi air mo ghuaillean i nan sealladh.


Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn.


Agus air teachd don fheasgar, thàinig esan maille ris an dà‑fhear‐dheug.


Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg.


Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.


Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan