Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Chaidh a h‑uile duine ann an Iudèa 's ann an Ierusalem a‑mach far an robh e; bha iad ag aideachadh am peacaidhean 's bha esan gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:5
15 Iomraidhean Croise  

Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.


An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.


Agus lean cuideachd mhòr e o Ghalile, agus o Dhecapolis, agus o Ierusalem, agus o Iudèa, agus o na crìochan a tha an taobh thall de Iòrdan.


Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean.


Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.


Rinneadh na nithean seo ann am Betani air an taobh thall de Iòrdan, far an robh Eòin a’ baisteadh.


Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad:


B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.


Agus thàinig mòran dhiubhsan a chreid, ag aideachadh, agus ag innse an gnìomharan.


An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.


Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr‐èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.


Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan