Marcus 1:44 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199244 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199244 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201744 Agus thuirt e ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus mar fhianais dhaibh, tairg na dh'àithn Maois airson do ghlanaidh.” Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198644 “Feuch nach can thu guth ri duine, ach falbh 's seall thu-fhèin dhan t‑sagart. Dèan ìobairt mar a dh'iarr Maois, a dhearbhadh dhan t‑sluagh gu bheil thu air do ghlanadh.” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187544 ʼS thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, fiach thu fhein doʼn ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nichean a dhʼorduich Maois, mar theisteanas dhaibh. Faic an caibideil |