Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Aʼ dol seachad ri taobh Loch Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' cur lìon anns an loch, oir 'se iasgairean a bh'annta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 ʼSa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Aindris a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir bʼiasgairean iad),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:16
11 Iomraidhean Croise  

Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol‐dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;


Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho‐ainm;


Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,


Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus,


Thàinig Philip agus dh’innis e do Anndras: agus a‑rìs dh’innis Anndras agus Philip do Iosa.


Thubhairt aon de a dheisciobail, Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, ris,


Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan