Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Tha mise a' faighneachd dhuibh, a bheil e ceadaichte air an t‑Sàbaid math a dhèanamh no olc, beatha a shàbhaladh no a sgrios?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus thuirt Iosa riu: Farraideam dhibh, am beil e laghail math no olc a dhianamh air laithean sàbaid; beatha thiarnadh, no a sgrios?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:9
7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.


Agus fhreagair Iosa, agus labhair e ris an luchd‐lagha, agus ris na Pharasaich, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air là na sàbaid?


Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile.


Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.


Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan