Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Air Sàbaid eile chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg, agus bha duine an sin aig an robh a làmh dheas seargte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus thachair mar an ciadna air sàbaid eile, gun deachaidh e stigh do ʼn t-sinagog, ʼs gun do theagaisg e. Agus bha fear an sin, aig an robh a lamh dheas air seargadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:6
14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala rìgh Ierobòam facal an duine le Dia, a dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, shìn e a làmh a‑mach on altair, ag ràdh, Beiribh air: agus shearg a làmh a shìn e a‑mach na aghaidh, air chor is nach b’urrainn e a tabhairt air a h‑ais thuige.


Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.


Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.


Agus bha e a’ teagasg ann an aon de na sionagogan air an t‑sàbaid.


Agus fhreagair Iosa, agus labhair e ris an luchd‐lagha, agus ris na Pharasaich, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air là na sàbaid?


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.


Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid:


Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan.


Agus thubhairt e riu, Is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin.


Annta sin bha nan laighe mòr‐bhuidheann de dhaoine easlan, dall, bacach, seargte, a’ feitheamh ri carachadh an uisge.


Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas‐aonachd nam measg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan