Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Nach do leugh sibhse an nì seo a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin, agus orrasan a bha maille ris;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Nach do leugh sibhse an nì seo a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin, agus orrasan a bha maille ris;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus fhreagair Ìosa iad, “Nach do leugh sibhse an rud a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin is orrasan a bha còmhla ris:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus thuirt Iosa, ʼs e gam freagairt: Nach do leugh sibh so, a rinn Dài, nuair bha e fhein us iadsan a bha cuide ris air acras?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:3
10 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean?


Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh?


Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich‐chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean‐ne?


Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,


Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air.


Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.


Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan