Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Ach thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Carson a tha sibh a' dèanamh an rud nach eil laghail a dhèanamh air an t‑Sàbaid?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus thuirt cuid de na Phairisich riu: Car-son tha sibh a dianamh ni nach eil ceaduichte air laithean na sàbaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:2
14 Iomraidhean Croise  

Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn;


Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.


Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.


Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh‐sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil‐inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;


Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid.


Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.


Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid?


Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail‐sa ag ithe agus ag òl?


Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur‐leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan