Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 6:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Air latha Sàbaid, fhad 's a bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair, spìon agus dh'ith a dheisciobail diasan arbhair, gan suathadh len làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis thachair air an ath chiad shàbaid, nuair a bha e triall tromh na raointean arbhair, gun robh a dheisciopuil a spionadh dhias, ʼs gan ithe, an deigh an suathadh ʼnan lamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 6:1
10 Iomraidhean Croise  

Seachd làithean ithidh sibh aran neo‐ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.


Agus àirmhidh sibh dhuibh fhèin on là màireach an dèidh na sàbaid, on là anns an tug sibh leibh sguab an tabhartas‐luaisgte: bidh seachd sàbaidean iomlan ann:


Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.


Agus chan eil duine sam bith, air dha seann fhìon òl, a dh’iarras air ball fìon nuadh; oir their e, Is e an seann fhìon as fèarr.


Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.


Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh.


Nuair a thèid thu a‑steach do arbhar do choimhearsnaich, an sin faodaidh tu na diasan a spìonadh led làimh, ach corran cha chuir thu ann an arbhar do choimhearsnaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan