Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichear esan am fianais ainglean Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichear esan am fianais ainglean Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Ach ge b' e neach a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, thèid esan àicheadh mu choinneamh ainglean Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Ach esan a dhʼaicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhar e an lathair ainglean De.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:9
15 Iomraidhean Croise  

Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh.


Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh.


Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:


An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:


Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha b’aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam, a luchd‐dèanamh na h‑eucoir.


Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.


Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.


Agus dh’àich esan e, ag ràdh, A bhean, chan aithne dhomh e.


Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran, gabhaidh Mac an Duine nàire dhethsan, nuair a thig e na ghlòir fhèin, agus an glòir Athar, agus nan ainglean naomha.


Ma dh’fhuilingeas sinn, rìghichidh sinn mar an ceudna maille ris: ma dh’àicheas sinn e, àichidh esan sinne mar an ceudna:


Ge bè neach a dh’àicheas am Mac, chan eil an t‑Athair aige: (ach an tì a dh’aidicheas am Mac, tha an t‑Athair aige mar an ceudna).


Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.


Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan