Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 “Nuair a bheir iad sibh mu choinneamh nan sionagogan agus nan riaghladairean agus nan ùghdarrasan, na bithibh fo chùram a thaobh ciamar a dhìonas sibh sib' fhèin, no dè a chanas sibh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Agus an uair a bheir iad sibh thun nan sinagog, ʼs nan uachdran, ʼs nan cumhachdan, na biodh imcheist oirbh ciamar no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:11
14 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.


Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur‐leanmhainn orra o bhaile gu baile:


Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?


Agus cò agaibh le mòr‐chùram a dh’fhaodas aon làmh‐choille a chur ra àirde fhèin?


Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad.


Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn?


Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.


Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan