Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:1
18 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an rìgh cùram a’ gheata air a’ cheannard, air làimh an do leig e a thaic: agus shaltair an sluagh air anns a’ gheata, agus dh’eug e, mar a thubhairt an duine le Dia, a labhair nuair a thàinig an rìgh a‑nuas da ionnsaigh.


Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?


Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam?


Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad.


Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?


Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire.


A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air aghaidh nan speur agus na talmhainn; ach cionnas nach eil sibh a’ toirt breith air an aimsir seo?


Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,


Ach bu mhò a sgaoileadh a iomradh‐san: agus thàinig sluagh mòr an ceann a chèile a‑chum èisdeachd, agus a bhith air an slànachadh leis on eucailean.


Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr‐shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;


Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris‐san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.


Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar:


Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,


Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth‐bhreith agus gun cheilg.


Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana‐cainnt,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan