Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:79 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

79 A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

79 A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

79 airson solas a thoirt dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a' bhàis, airson ar casan a threòrachadh a‑steach do shlighe na sìthe.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

79 Gu soilleireachd a thoirt dhaibhse, a tha ʼnan suidhe ann an dorchadas ʼs an dubhar a bhàis, gu iul a dhianamh dhaʼr casan gu slighe na sithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:79
36 Iomraidhean Croise  

Tìr dorchadais mar dhuibhre sgàil a’ bhàis; agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solas mar dhorchadas.


Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe.


Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann,


Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach.


Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.


Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e.


Ged mhìn‐phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis.


Is slighean subhachais a slighean, agus is sìth a ceuman uile.


Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;


Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.


A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.


Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.


Chan eil sìth, deir an Tighearna, don aingidh.


Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.


A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.


Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart‐bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth.


An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.


Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?


Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.


Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.


Solas a shoillseachadh nan Cinneach, agus glòir do phobaill Israel.


B’e seo an solas fìor a tha a’ soillseachadh gach uile dhuine a tha a’ teachd a‑chum an t‑saoghail.


Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.


An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.


Am feadh tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail.


Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),


A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.


Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh:


Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan