Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:70 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

70 A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

70 A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

70 mar a thuirt e tro bheul fhàidhean naomha fhèin, o shean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

70 (A reir ʼs mar a labhair e á bial fhaidhean naomh fhein, a bha ann bho thoiseach:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:70
18 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.


Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol‐sa agus a sìol‐se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil‐san.


Cha dealaich an t‑slat‐rìoghail ri Iùdah, no lagh‐thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:


Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.


Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.


Uime sin na biodh eagal ort, a Iàcoib, m’òglach‐sa, deir an Tighearna, agus na biodh geilt ort, O Israeil: oir feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth, agus cha bhi aon neach a’ cur eagail air.


Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna‐sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.


Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall‐sa, a bhith air an coileanadh.


Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.


(A ro‑gheall e le a fhàidhean fhèin anns na sgriobtairean naomha,)


Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,


Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.


Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.


A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne‐ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir:


Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan