Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:47 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

47 Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

47 Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

47 agus tha mo spiorad a' dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

47 Us ghlac mo spiorad aoibhneas ann an Dia mo Shlanair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:47
14 Iomraidhean Croise  

Ach nì m’anam‐sa gàirdeachas anns an Tighearna; nì e aoibhneas na shlàinte.


Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.


Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.


Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.


Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;


Oir tha seo math agus taitneach am fianais Dhè ar Slànaighear:


Ach dh’fhoillsich e a fhacal fhèin ann an àm iomchaidh tre shearmonachadh, a dh’earbadh riumsa, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear;


Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean.


Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd:


Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan