Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:36 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

36 Agus, feuch, do bhana‐charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo‐thorrach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

36 Agus, feuch, do bhana-charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo-thorrach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

36 Agus, seall, do bhanacharaid Ealasaid, na seann aois, tha ise cuideachd torrach le mac; agus is e seo an t‑siathamh mìos dhìse air an deach neo‑thorrach a ghabhail,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

36 Us, seall, do bhanacharaid Ealasaid, ghin ise cuideachd mac ʼna sean aois; agus se so an siathamh mios dhi-sa, a theirear neo-thorrach rithe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:36
10 Iomraidhean Croise  

Ach bha Sàrai neo‐thorrach; cha robh duine cloinne aice.


A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.


A‑nis bha Abrahàm agus Sàrah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois; agus sguir Sàrah de bhith a rèir dòigh nam ban.


Oir dh’fhàs Sàrah torrach, agus rug i mac do Abrahàm na sheann aois, anns an àm shuidhichte mun do labhair Dia ris.


Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mun do labhair Elisa rithe, a rèir àm na beatha.


Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas;


Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.


Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.


Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.


Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan