Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:20 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran‐sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran-sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Agus, seall, bidh thu balbh is gun chomas bruidhinn gus an latha nuair a thachras na rudan seo, a chionn 's nach do chreid thu m' fhaclan‑sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Agus, seall, bithidh tu balbh, agus gun chomas labhairt gus an latha san tachair so, a thaobh ʼs nach do chreid thu mo bhriathransa, a choimhlionar ʼnan àm fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:20
22 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh a leithid seo de nì a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thu led shùilean e, ach chan ith thu dheth.


Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.


Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?


Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.


Anns an là sin fosglar do bheul don tì a thèid as, agus labhraidh tu, agus cha bhi thu nas mò balbh, agus bidh tu dhaibh mar chomharradh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.


Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear‐cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach.


Agus nuair a labhair e an leithid seo de bhriathran rium, chuir mi m’aghaidh ris an làr, agus bha mi ann am thosd.


Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh.


An dèidh sin nochdadh e don aon‐fhear‐deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas‐cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.


Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.


Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.


Agus bha am poball a’ feitheamh ri Sacharias, agus b’iongantach leo a’ mhoille a rinn e anns an teampall.


Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.


Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.


Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.


Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid? An dèan am mì‑chreideamh‐san fìrinn Dhè gun èifeachd?


Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.


Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;


A‑chum tre dhà nì neo‐chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:


A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas‐ghràdh, agus dèan aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan