Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

15 Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

15 Oir bithidh e mor an lathair an Tighearna; agus cha n-ol e fion, no deoch laidir, agus lionar e leis an Spiorad Naomh, seadh bho bhroinn a mhathar;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:15
22 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.


Agus dhiùlt a athair, agus thubhairt e, Tha fhios agam, a mhic, tha fhios agam; bidh esan cuideachd na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhinn bidh a bhràthair as òige nas mò na e, agus bidh a shliochd nam mòran chinneach.


Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.


Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.


Ach is tusa an Tì a thug a‑mach as a’ bhroinn mi; bu tu adhbhar mo dhòchais air cìch mo mhàthar.


Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.


Ach thubhairt iadsan, Chan òl sinne fìon: oir thug Ionadab mac Rechaib ar n‑athair àithne dhuinn, ag ràdh, Na òlaibh‐se fìon, sibh fhèin no ur mic gu bràth.


Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;


Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan‐tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.


Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.


Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg‐san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.


Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.


B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.


Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.


Ach nuair a b’i deagh thoil Dhè, a sgar o bhroinn mo mhàthar mi, agus a ghairm mi tre a ghràs,


Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.


Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan