Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

27 Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

27 Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:27
9 Iomraidhean Croise  

Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite‐còmhnaidh‐san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.


Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.


Agus mar seo rinn e riu, agus shaor e iad à làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh iad iad.


Agus tog cìs don Tighearna o na fir‐chogaidh, a chaidh a‑mach don chath: aon anam à còig ceud, araon de na daoine, agus den bhuar, agus de na h‑asail, agus de na caoraich.


Agus as leth chloinn Israeil, gabhaidh tu aon chuibhreann à leth‐cheud, de na daoine, den bhuar, de na h‑asail, agus de na treudan, de gach ainmhidh, agus bheir thu iad do na Lèbhithich, a tha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna.


Eadhon den leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhreann à leth‐cheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lèbhithich, a bha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan‐loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan‐togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.


Ach anns an àit a thaghas an Tighearna as aon ded threubhan, an sin ìobraidh tu d’ìobairtean‐loisgte, agus an sin nì thu na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut.


Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan